Naidheachdan 11:00m
An Eaconomaidh
Sheall àireamhan ùra gun tàinig crìonadh ris nach robh dùil air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte anns an Lùnastal. Choirich Oifis nan Staitistig Nàiseanta an crìonadh de 0.3% air fuarachadh ann an roinn tionnsgalachd na dùthcha agus ann an gnìomhachasan mar aoigheachd agus gruagaireachd a tha a' dèiligeadh ris a' phoball gach là.
Banca Shasainn
Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Iàcob Rees-Mogg gu bheil earbsa aige ann an Riaghladair Bhanca Shasainn a dh'aindeoin tuilleadh ùpraid anns na margaidhean ionmhais. Thuit luach an Not tron oidhche às dèidh do dh'Anndra Bailey dearbhadh gun sguir am banca a cheannach bhannan-iasaid an Riaghaltais Dihaoine,,
Covid
Tha aon duine anns gach 20 a ghabh pàirt ann an sgrùdadh Albannach air buaidh Chovid-19 san ùine fhada ag ràdh gu bheil iad fhathast gun faighinn thairis air. Chaidh an sgrùdadh Long Covid in Scotland a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba. Fhuair an luchd-sgrùdaidh gu bheil 5% de dh'euslaintich fhathast a' fulang leis a' bhìoras eadar sia agus 18 mìosan bhon a chaidh an gannrachadh leis an toiseach.
Prìsean Ath-nuadhachail
Tha an Riaghaltas ann an Lunnainn a' coimhead ri cuibhreachadh a chur air na prìsean a dh'fhaodas companaidhean cumhachd ath-nuadhachail agus niuclasach iarraidh bho luchd-ceannaich. Tha ministearan airson cur às dhan cheangal eadar prìs na h-ola 's a' ghas agus na dh'fhaodas companaidhean cumhachd a bhith ag iarraidh airson dealain. Tha ministearan airson an t-atharrachadh a thoirt a-steach ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh, agus tha iad ag ràdh gu bheil iad a' còmhradh ris an Riaghaltas ann an Dùn Èideann air am bu chòir am plana a leudachadh gu companaidhean cumhachd ann an Alba.
NATO
Tha ministearan dìon NATO a' cruinneachadh anns a' Bhruiseil an-dràsta a dheasbad dè mar as urrainn dhaibh tuilleadh cuideachaidh a thoirt dhan Ucràin agus ionnsaighean Ruiseanach a' fàs nas bitheanta. Tha an Ceann-suidhe Zelensky air iarraidh air na dùthchannan an iar siostaman dìon a thoirt dha na h-Ucràinianaich a leigeas leotha sgiath adhair a chruthachadh an aghaidh rocaidean na Ruis.
An EIS
Agus dh'fhosgail an t-aonadh luchd-teagaisg as motha ann an Alba, an EIS, baileat an-diugh agus iad a' moladh dhan bhallrachd bhòtadh airson stailce. Tha an t-aonadh mì-thoilichte leis an àrdachadh pàighidh de 5% a chaidh a thabhannn dhaibh. Dùinidh am baileat air an ath-mhìos.