Mòd 2022 ga fhosgladh

  • Air fhoillseachadh
Mod Pheairt

Thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail fhosgladh gu h-oifigeil ann am Peairt oidhche Haoine.

'S e seo a' chiad Mhòd Nàiseanta iomlan a th' air a bhith ann bho 2019, air sgàth Chovid.

Cha do cheadaich Covid ach Mòd bhiortal ann an 2020, bha fear tana, "haidhbriod" ann an-uiridh, ach am bliadhna tha sinn air ais dhan àbhaist.

Chan e nach tug Covid buaidh mhaireannach air a' Mhòd, 's corra rud ùr air tighinn ri linn.

Rudan Ùra

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a h-uile duine a' dèanamh toileachais gum bi sinn a' cruinneachadh 's dòcha nas saoirsneile, agus tha mi cinnteach ann an dòigh nas fhaisge air an t-seann dòigh a bh' againn a thaobh Mhòdan," thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul.

"Ach tha mi a' smaoineachadh cuideachd gu bheil e math gu bheil sinn air ionnsachadh a-mach às na dùbhlain a bh' againn san dà bhliadhna a chaidh seachad - agus uill, tha sinn air rudan ùra ionnsachadh a dh'obraich math dhuinn, mar a bha daoine a' dèanamh fharpaisean air-loidhne 's gnothaichean den t-seòrsa sin.

"Agus thàlaidh sinn luchd-taice 's luchd-ùidhe ùr, gu h-àraid bho thall-thairis, agus tha sinn airson na drochaidean a tha sin a ghlèidheadh," thuirt e.

Tha àireamh nam farpaiseach sìos am-bliadhna, agus tha Mgr Caimbeul ag ràdh gur e buaidh Chovid a tha sin.

"'S e gun teagamh, agus chan eil sin a-mhàin na thrioblaid dhan Mhòd, tha e na thrioblaid dhan a h-uile fèis chiùl 's a h-uile tachartas ealain a tha a' dol, far a bheil àireamhan sìos.

"Tha nas lugha de dh'àireimh chloinne ann am-bliadhna, 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin gu sònraichte a' buntainn ris nach robh luchd-teagaisg air chomas a dhol dha na sgoiltean ri linn Chovid agus mar sin cha d' fhuair a' chlann cothrom deasachaidh."

Thèid am Mòd Pheairt fhosgladh oidhche Haoine le caismeachd lòchrannach.