"Fracadh 's dòcha iomchaidh aig tuath"

  • Air fhoillseachadh
Losgadh methaneTùs an deilbh, Getty Images

Chaidh càineadh a dhèanamh air ball-pàrlamaid Thòraidheach Shasannach airson a bhith ag ràdh gum faodadh gun gabhte ri fracadh air Ghàidhealtachd.

Bha Laura Farris BP, a tha a' riochdachadh Newbury ann am Berkshire, a' bruidhinn air Politics Live aig a' BhBC mu na planaichean a th' aig a pàrtaidh a thaobh fracaidh.

Thuirt i nach gabhte idir ris ann an sgìrean far a bheil sluagh mòr, leithid na sgìre aice fhèin.

Ach thuirt i gur dòcha gum biodh e freagarrach ann an sgìrean de cheann a tuath na h-Alba, 's nach cuireadh ise an aghaidh sin.

Ionnschadh

"Tha fhios agam gu bheil na coimhearsnachdan air an toir fracadh buaidh gu làidir na aghaidh, agus cha b' urrainn dhomhsa taic a chur ri poileasaidh a sparadh e air sgìre far a bheil am beachd sin," thuirt i.

"Saoilidh mi gur e an ath cheist a bhios agad "uill càite a bheil e a' dol a thachairt?"

"Chan eil e coltach gun tachair e ann a coimhearsnachdan far a bheil sluagh mòr a' fuireach, ach chan eil fhios agam nach eil sgìrean de cheann a tuath na h-Alba far am biodh e iomchaidh - agus cha chuirinn na aghaidh nam biodh," thuirt i.

Chuir na thuirt i an fhearg air feadhainn aig tuath - BP Lib Deamach Ghallaibh, Chataibh agus Ros an Ear, Jamie Stone, nam measg.

Dìmeas

"Tha seo a' dèanamh dìmeas mhòir air feadhainn a tha a' fuireach ann an sgìre iomallaich den Rìoghachd Aonaichte," thuirt e.

"Ma tha thu a' dol a ruith na dùthcha gu ceart, feumaidh tu gabhail ris gu bheil na h-aon còraichean aig daoine a tha a' fuireach ann an sgìrean iomallach 's a tha aig daoine a tha a' fuireach ann an Lunnainn no meadhan na h-Alba.

"Nuair a chì thu leithid seo de ghòraiche a' tighinn a-mach, bidh thu a' smaoineachadh "mo chreach! nach mòr an t-ionnsachadh a th' aig daoine ri dhèanamh?"

"Agus innsidh mi dhuibh, bidh gu leòr agamsa ri ràdh mun ghòraiche a tha seo sna seachdainnean a tha romhainn," thuirt e.

Leig Rùnaire Chumhachd na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, fhaicinn uair eile air a' mhìos a chaidh mar a tha Riaghaltas na h-Alba an aghaidh cheadan ùra fracaidh, agus e ag ràdh nach atharraich am poileasaidh a thaobh fracaidh - sin a dh'aindeoin 's mar a chaidh an casg a bha air roimhe ann an Sasinn a thogail.