Misneachd mu Mhòd 2022
'S e am Mòd ann am Peairt a' chiad Mhòd slàn ann an trì bliadhna is Covid air buaidh a thoirt air anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Tha àireamh nan co-fharpais sìos air an àbhaist, 's tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gur e buaidh mhaireannach Chovid as coireach.
Ach tha an Comunn dòchasach gun till na h-àireamhan is gum bi fìor dheagh Mhòd ann am Peairt am-bliadhna.