Ceòl agus spòrs aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail

'S e ceòl agus spòrs a bh' air a' chlàr ghnothach air an dàrna latha dhen Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt.

Chuala sinn bho Sheonaidh as an Eilean Sgitheanach a shoirbhich ann am farpais pìoba agus bho Eanraig MacAonghais a bha na rèitire aig geama iomain airson an turas mu dheireadh.

Tha Calum MacAmhlaidh ag aithris.