"Fuasglaidhean gan lorg" do dhìth thidsearan

  • Air fhoillseachadh
Mòd

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim gu bheil Riaghaltas na h-Alba air cur rompha fuasglaidhean a lorg air an duilgheadas le dìth thidsearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

A' bruidhinn aig a' Mhòd ann am Peairt, thuirt Shirley-Anne Somerville gu bheil an Riaghaltas mar thà ag obair le Comhairle Choitcheann Luchd-teasgaisg na h-Alba air mar a thèid barrachd thidsearan a bhrosnachadh.

Thuirt aithisg aig toiseach na mìos gu bheil tidsearan Gàidhlig gu bhith cho gann 's gu bheil cunnart gum feum cuid de sgoiltean tilleadh gu teagasg sa Bheurla.

Tha Ms Somerville ag ràdh gu bheil an Riaghaltas a' coimhead air diofar cheumannan gus cùisean a leasachadh.

"Chunnacas mar thà tron chunntas a rinn Comhairle Choitcheann an Luchd-teagaisg gu bheil cuid de thidsearan a dh'iarradh 's dòcha Gàidhlig ionnsachadh, no piseach a thoirt air an cuid chomasan sa chànan," thuirt i.

"'S an uairsin sin a chleachdadh an lùib coimhearsnachd na teagaisg - feadhainn nach eil a' dèanamh sin mar thà.

"Feumaidh sinn an uairsin faicinn cò ghabhas tàladh a-steach gu obair-teagaisg a bhios a' cleachdadh na Gàidhhlig mar thà.

"'S iomadh dòigh air am faighear timcheall air seo.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil gu leòr de dhiofar dhòighean againn, far am faigh feadhainn a mhiannaicheadh a bhith ri teagasg, agus a' miannachadh a' Ghàidhlig a chleachdadh an lùib sin, brosnachadh bhon Riaghaltas sin a dhèanamh," thuirt i.