
'S i Annie Catriona Dhòmhnallach à Stafainn a bhuannaich bonn òr nam ban agus Ruairidh Gray à Dalabrog, Uibhist a Deas a bhuannaich bonn òr nam fear aig Talla Chonsairt Pheairt oidhche Chiadain.
Seo a' chiad uair aig Annie, a tha a' fuireach ann an Lunnainn, a' seinn san fharpais.
Bha i san treas àite a' dol a-staigh dhan fharpais oidhche Chiadain is i a' dèanamh a' ghnothaich air Kirsty Watt, Saffron Hanvidge agus Raonaid Deans air a' cheann thall.
A thaobh Ruairidh Gray, cuideachd a' seinn san fharpais seo airson a' chiad uair, bha esan air thoiseach air càch mus do thòisich cùisean oidhche Chiadain.
'S ann mar sin a dh'fhùirich cùisean is e a' dèanamh a' ghnothaich air Iain MacCarmaig, Seumas Mac an t-Sagairt agus Rory MacInnes MacDiarmaid.
Nas tràithe air an là ann am farpais an Aigeallain Airgid, 's i Rena Gertz, às a' Ghearmailt bho thùs, a bhuannaich farpais nam ban. Ann am farpais nam fear 's e Jonathan Fairgrieve à Leòdhas a bhuannaich.