Duais Ealain na Gàidhealtachd

Cho math ri na duaisean mòra ciùil, chaidh cuideachd duais ùr a thoirt seachad airson a' chiad uair aig a' Mhòd Nàiseanta - Duais Ealain na Gàidhealtachd.

'S e sin farpais airson nan ealain lèirsinneach, a thathar an dòchas a thèid a chumail gach bliadhna aig a' Mhòd bho seo a-mach.

Bha taisbeanadh dhe na dealbhan a chaidh a chur a-steach a' ruith fad na seachdain ann am Peairt, agus chaidh Calum MacAmhlaigh a thadhail air.