
Chaidh casg air luchd-tadhail aig Ospadal Uibhist is Bharraigh ach a-mhàin ann an suidheachaidhean deatamach.
Dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gur e Covid-19 as coireach is gu bheil iad duilich gun robh aca ris a' cheum seo a ghabhail.
Thuirt am bòrd gun dèan iad measadh às ùr air an t-suidheachadh gach là.
Tha cùisean de Chovid air a bhith ag èirigh a-rithist ann an Alba anns na seachdainnean mu dheireadh.
Sheall na figearan as ùire bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun robh am bhìoras air aon duine às gach 35, suas bhon aon às gach 50.
Bho Dhiluain, tha cothrom aig daoine eadar 50 is 64 bliadhna a dh'aois tighinn air adhart airson banachdaichean an aghaidh Covid is am flù fhaighinn.