An Grand Slam aig Ceann a' Ghiùthsaich is sùil aca air tuilleadh

  • Air fhoillseachadh
Ceann a' Ghiùthsaich

Thuirt fear de laoich Chinn a' Ghiùthsaich gu bheil sùil aca air tuilleadh dhuaisean às dèidh dhaibh an Grand Slam a bhuannachadh am-bliadhna.

Thog Kings a' Phrìomh Lìog air an deireadh-sheachdain le buaidh 2-0 an aghaidh Camanachd an Òbain.

Bha e glè iomchaidh às dèidh an t-seusain a bh' aige gun tàinig an dà tadhal a dhearbh an tiotal bho Roddy Young.

Bha Ceann a' Ghiùthsaich mar-thà air Cupa MhicThàmhais, Cupa MhicAmhlaidh is Cupa na Camanachd a thogail am-bliadhna.

Gu dearbh cha do chaill iad ach aona gheama fad an t-seusain, sin an aghaidh Chinn Loch Seile san lìog.

'S e sgioba an ìre mhath òg a th' aca le taic a' tighinn bho sheòid mar James Hutchison, fear a th' air a bhith a' cluich fad còrr is 20 bliadhna.

A' bruidhinn às dèidh dhaibh an lìog a bhuannachadh, thuirt Hutchison gu bheil faireachdainn ann nach eil ann an seo ach toiseach-tòiseachaidh is gu bheil e comasach dhan sgioba linn ùr de shoirbheachas a thòiseachadh.

Rabhadh

"Tha sinn air a bhith a' togail sgioba 'son ùine a-nise," dh'innis Hutchison.

"Theab sinn a dhol sìos bho chionn beagan bhliadhnaichean ach chum na balaich a' dol is chuir iad an obair chruaidh a-steach.

"Bha làithean doirbh againn ach tha sinn an dòchas a-nise gu bheil làithean matha eile air thoiseach.

"Tha iad uile nam 20an - ach cuid againn - is tha cùisean a' coimhead math. Seo an Grand Slam is tha sinn an dòchas a-nise Grand Slam eile a bhuannachadh", thuirt e.

Faclan a bheir dòchas do mhuinntir Chinn a' Ghiuthsaich is a chuireas gath tro gach sgioba eile ann an Alba.

Cuideachd Disathairne tha Meadhan Earra-Ghàidheal a-nise cha mhòr cinnteach air fuireach sa Phrìomh Lìog is iad air a' chùis a dhèanamh air Lòbhat 2-1.

Tha GMA a-nise dà phuing is 21 tadhal air thoiseach air a' Ghearasdan is a h-uile coltas ann gun tèid sgioba na h-Àirde sìos leis na nàbaidhean aca Cill Mhàilidh.

Tha a h-uile coltas ann cuideachd gun tig a' Mhanachainn suas nan àite còmhla ris na Sgitheanaich, ach feumaidh iadsan feitheamh beagan nas fhaide 'son sin a dhearbhadh is Inbhir Aora air buannachadh 1-0 an aghaidh Ghlinn Urchadain Disathairne.