Obair-càraidh a' dol aig Bodach an Stòir

  • Air fhoillseachadh
Bodach an StòirTùs an deilbh, Nàdarr Scot

Tha càradh a dhìth a-rithist aig Bodach an Stòir san Eilean Sgitheanach agus na tha de luchd-tadhail air buaidh a thoirt air an àrainneachd.

Bidh na mìltean dhaoine a' dol ann a h-uile bliadhna ach dh' fhàg sin gun deach cron a dhèanamh air an làraich leis nach robh ceuman-coiseachd ceart ann.

Thòisich an obair airson na slighean a leasachadh ann an 2019.

Fhad 's a tha an obair-càraidh ga dèanamh às ùr bidh bacadh gu ìre air pàirtean den staran air luchd-tadhail a-nise gu deireadh na Samhna.

An ceum aig Bodach an StòirTùs an deilbh, Nàdar Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid GeoJute a chur an sàs airson an talamh a dhìon

Thèid stuth ris an canar 'GeoJute' a chur air an talamh a chaidh a chrìonadh le coiseachd na h-uimhir de dhaoine agus thèid feur a chur a ghreimicheas ris an stuth seo a bhios a' briseadh sìos an ceann bliadhna neo dhà.

Tha Dòmhnall Ross am measg na tha ag obair air a' phròiseact.

"Nuair a thòisich sinn bho chionn 20 bliadhna cha robh mòran a' dol suas agus bha an staran dìreach ceart dha na daoine a bha a' dol suas.

"Tha tòrr dhaoine shuas an sin agus chan eil an grunnd aca airson a bhith a' dol seachad air a chèile, agus bidh iad a' dol air an talamh.

"Tha obair-càraidh mhòr ri cumail suas air na monaidhean againn neo bristidh iad suas."