Gàirneilearachd sa Ghàidhlig

Le barrachd chompanaidhean a-nis a' cur luach ann am margaidheachd sa Ghàidhlig, dh'iarr tè a tha ag obair ann am bùth gàirneilearachd Simpsons ann an Inbhir Nis, air a' chompanaidh bhideothan a dhèanamh sa chànan feuch an urrainn do dhaoine an cànan ionnsachadh.

Thòisich Anna-Mairead NicFhearghais, a thogadh sa bhaile, na bhideothan a dhèanamh, am-bliadhna seo fhèin.

Dh'innis i gu bheil ùidh mhòr aig daoine annta.