
Dh'iarr ministear air a' Ghàidhealtachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air reachdas ghunnaichean ann an Alba às dèidh ionnsaighean ann an Slèite is Loch Aillse nas tràithe am-bliadhna.
Nochd an t-Urramach Gòrdan MacMhathain, ministear na h-Eaglaise Saoire ann an Slèite agus an Srath, air beulaibh Comataidh nan Cùisean Albannach is iad an-dràsta a' coimhead ri reachdas ghunnaichean, taobh a-muigh.
Chaidh Iain MacFhionghain, 47, a mharbhadh is chaidh dithis eile a leòn gu dona anns na h-ionnsaighean ann an Slèite agus air an Dòrnaidh san Lùnastal.
Tha Fionnlagh Dòmhnallach, 39, fo chasaid muirt agus oidhirp air murt.
Dh'innis an t-Urr. MacMhathain mar a tha a' choimhearsnachd ann an Slèite air a bhith a' fulang às dèidh nan ionnsaighean.
Thuirt e gu bheil an t-eagal air a bhith air an nighinn bhig aige fhèin cadal ann an seòmar faisg air doras an taighe.
Dlùth
"Tha an t-uabhas de dhaoine a' fulang an seo le buaidh na thachair oir 's e coimhearsnachd gu math dlùth a tha seo.
"Tha ceangal aig a h-uile duine leis na teaghlaichean seo, tro sgoil no obair no dìreach sa choimhearsnachd.
"Thug e buaidh air tòrr dhaoine an seo is tha sin a' leantainn, fiù 's a' chlann san sgoil", thuirt e.
Chuala a' chomataidh cuideachd bhon Dr Mìchael North, a chaill an nighean bheag aige ann an ionnsaigh Dhùn Bhlàthain ann an 1996.
Dh'innis an Dr North gu bheil esan air iarraidh ron seo gun rachadh loidhne fòna a stèidheachadh far am b'urrainn do dhaoine draghan a thogail mu chuid aig a bheil gunnaichean.
Thuirt e gun robh e air cluinntinn bho dhaoine a thog draghan roimhe is nach deach dad a dhèanamh mun dèidhinn.
Dh'iarr e cuideachd nach bu chòir cead-gunna a bhith a' maireachdainn cho fada ri còig bliadhna.