Naidheachdan 11:00m

Bhruidhinn Liz Truss gu poblach airson an turas mu dheireadh mar phrìomhaire mus deach i gu Luchairt Bhuckingham a' leigeil dhi a dreuchd. Thuirt i na h-òraid aig Sraid Downing, far nach robh i ach seachd seachdainnean, gur e urram mòr a bha ann dhi a bhith os cionn na dùthcha. Thuirt i gu bheil ùine dhoirbh ron dùthaich fhathast ach gu bheil amannan nas fheàrr ri tighinn.

Thèid Rishi Sunak gu Luchairt Bhuckingham às dèidh sin far an ainmich an Rìgh Teàrlach e gu foirmeil mar phrìomhaire ùr. Bruidhinnidh an t-seann sheansalair às dèidh sin ris an dùthaich mus tòisich e air caibineat a chruinneachadh.

Dh'iarr na pàrtaidhean dùbhlanach uair eile airson taghadh coitcheann ach thuirt Mgr Sunak nach tachair sin.

Tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun deach còrr agus an leth uimhir a-rithist air prìs cuid den bhiadh as bunaitaiche air a' bhliadhna a chaidh seachad. Chaidh fiùs prìs a' bhìdh as saoire san Rìoghachd Aonaichte suas mu 17% air a' bhliadhna dhan t-Sultain, a rèir an ONS.

Thèid An Ruis dha na Dùthchannan Aonaichte le casaid, air nach eil dearbhadh, gu bheil an Ucràin am beachd boma rèidio-beò a spreadhadh air a fearann fhèin. Thuirt Kyiv agus dùthchannan an iar rona seo nach eil fìrinn sam bith anns a' chasaid.

Thèid iarraidh air buill Chomhairle na Gàidhealtachd £400,000 eile a chur ris a' bhuidhinn High Life Highland, a tha a' ruith sheirbhisean cultair agus cur-seachad dhan ùghdarras. Cluinnidh coinneamh na comhairle an-earrar mun droch bhuaidh a tha am pandemic agus cosgais bith-beò a' toirt air teachd a-steach Highlife Highland.

Tha croitearan is tuathanaich aig nach eil ach beagan fearainn am measg na tha a' togail fianais aig Holyrood an-diugh. 'S e an caidreachas Good Food Good Farming a th' air cùlaibh an tachartais agus iad a' gearan gu bheil poileasaidh agus Bile an Àiteachais a' taobhadh cus ri tuathanaich mhòra.