
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun dùin an amar-snàimh aig Ionad Spòrs Leòdhais 'son trì seachdainean bho dheireadh na mìos.
Bha an t-ùghdarras air leigeil fhaicinn ron seo gum biodh an t-amar a' dùnadh airson leigeil le obair-càraidh a dhol air adhart.
Dùinidh an t-amar aig deireadh an là Disathairne an 29mh den Dàmhair is fosglaidh e a-rithist Diluain an 21mh den t-Samhain.
Thabhainn a' Chomhairle leisgeul dhan t-sluagh airson dùnadh an amair ach thuirt iad gur e obair riatanach a tha seo.
Thuirt iad gun tèid fios a sgaoileadh ma dh'atharraicheas na cinn-là.
Dh'innis iad ged a bhios an t-àmar, spa, sauna is seòmar-smùide uile dùinte, gum bi na goireasan eile aig Ionad Spòrs Leòdhais uile fosgailte mar as àbhaist.