
Tha iomairt teasairginn a' dol tuath 's an iar-thuath air Leòdhas an dèidh mar a chaidh biùgan èiginneach a chur gu dol.
'S ann timcheall air 56 mìle-mara far Rubha Robhanais a chaidh am biùgan a mhothachadh.
Chaidh bàta-teasairginn Steòrnabhaigh agus heileacoptair teasairginn a chur a-mach mu 01:30m Diardaoin.
Thuirt na Maoir-Chladaich gun robh an heileacoptair air tilleadh airson connadh a thogail.