
Tha Network Rail a' cur ann an cuimhne dhaoine gum bi rathad an A890 dùinte tron oidhche Disathairne.
Tha seo airson leigeil le obair riatanach a dhol air adhart aig crois-rèile Shrath Charrainn.
Dh'innis a' bhuidheann gum feum iad sgrùdadh sàbhailteachd a dhèanamh air a h-uile crois-rèile.
Thuirt iad mar phàirt den obair ann an Srath Carrann, gum feum iad a' chrois-rèile a thoirt às a chèile 'son faighinn a-mach a bheil e meirgeach is a bheil tuilleadh obrach a dhìth.
Dh'innis iad mar sin gum feum iad an rathad tron sgìre, an A890, a dhùnadh eadar 10:00f oidhche Shathairne is 07:00m Didòmhnaich.
Chan fhaigh carbadan sam bith seachad nuair a tha an obair a' dol air adhart ach a-mhàin carbadan èiginn.
Thabhainn Network Rail leisgeul air muinntir na sgìre is dràibhearan, ach thuirt iad gur e obair riatanach a th' ann is gur e seo an t-àm as fheàrr agus as sàbhailte a dhèanamh.