Cabhag ga h-iarraidh air obair an A9

  • Air fhoillseachadh
Sloc MuiceTùs an deilbh, David Dixon/Geograph

Chaidh ìmpidh a chur air Riaghaltas na h-Alba cabhag a dhèanamh gus an A9 a dhèanamh dà-fhillte air sgrìob 25 mìle de dh'fhaid faisg air Sloc Muice.

Tha am BPA Làbarach 'son na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Holyrood, Rhoda Ghrannd, air sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdhail ag iarraidh coinneimh agus sreath de thubaistean bàsmhor air a bhith ann bho chionn ghoirid.

Chaochail ochdnar anns an earrainn seo den rathad faisg air Sloc Muice thar nan trì mìosan mu dheireadh.

Thar na h-ùine sin tha tubaistean bàsmhor eile air tachairt air earrainnean eile den rathad.

Tha Rhoda Ghrannd ag iarraidh còmhradh a chumail mun chùis le Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, agus i ag ràdh gun dèan i coiteachadh airson adhartais leis a' phròiseact gus an rathad a dhèanamh dà-fhillte.

Thuirt labhraiche an Riaghaltais gu bheil na tubaistean mu dheireadh nam briseadh-cridhe 'son gach duine air an tug iad buaidh agus gun robh iad ag obrachadh leis na Poilis 'son na th' air cùl an t-suidheachaidh a thuigsinn.

Thuirt iad gun robh iad fhathast ag obair gus an A9 a dhèanamh dà-fhillte eadar Inbhir Nis is Peairt.