Naidheachdan 11:00m
COP27
Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Therése Coffey, gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' toirt prìomhachais do dhìon na planaid. Tha Ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, am measg na tha a' càineadh a' Phrìomhaire, Rishi Sunak, a leig fhaicinn nach bi e aig cruinneachadh COP27 na gnàth-shìde san Èipheit air an ath-mhìos. Thuirt Mgr Sunak gu bheil cùisean fìor chudromach ris am feum e dèiligeadh ann am Breatainn aig an àm.
Èirinn a Tuath
Agus dh'innis Therése Coffey dhan BhBC gum bi taghaidhean ùra ann do Sheanadh Èireann a Tuath an dèidh dhan cheann-ùine an-raoir a dhol seachad gun aonta air riaghaltas aig Stormont. Tha dùil gum bi a' bhòt, an dàrna tè ann an sia mìosan, ann an taobh a-staigh trì mìosan.
Rèile
Tha rabhadh ann mu thuilleadh troimhe-chèile air seirbheisean rèile na h-Alba air an deireadh-sheachdain. Tha ballrachd aonadh an RMT a' tòiseachadh a-màireach air stailc 24 uairean agus iad a' diùltadh àrdachadh pàighidh 5% a tha ScotRail a' tabhann orra. Cha bhi fosgailte ach trì de shlighean ScotRail ann am meadhan na h-Alba a-màireach.
Thug an t-Aonadh Eòrpach rabhadh do cheannard ùr Twitter, Elon Musk, gum feum a' chompanaidh cumail ri riaghailtean an EU. Tha na meadhanan sna Stàitean Aonaichte ag ràdh gun d' fhuair Mgr Musk cuidhteas mar thà feadhainn de dh'àrd-oifigich Twitter an dèidh dha a' chompanaidh a cheanach air £38bn.
Bàs ann an Cùram
Tha aithisg ùr bho Oilthigh Ghlaschu ag ràdh gun gabhadh mòran den bhàs am measg òigridh ann an cùram seachnadh. Chaidh an rannsachadh a dhèanamh còmhla ris an NHS, Riaghaltas na h-Alba, na h-ùghdarrasan ionadail agus Clàran Nàiseanta na h-Alba. Thuirt Comann Dìon na Cloinne gun toir an rannsachadh tuigse nas fheàrr dhaibh air slàinte agus cùram dhaoine òga.
Banachdaichean
Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' toirt comhairle air daoine dòs eile de bhanachdach Chovid fhaighinn air a' Gheamhradh seo. Tha dragh ann nach eil daoine cho deònach banachdach a ghabhail an turas seo, agus fianais ann gu bheil am bhìoras ag èirigh a-rithist anns na h-Eileanan.