
Nochd gearanan mu sheirbheis a' phuist ann an Ìle is daoine ag ràdh gu bheil aca ri dràibheadh suas ri 30 mìle gus am post aca a thogail.
Dh'innis am BPA ionadail Jenny Minto gu bheil tòrr dhaoine ann an Ìle air fios a chur oirre is coltas ann gur e trioblaidean le gainnead luchd-obrach as coireach.
Thuirt i gu bheil an suidheachadh a' toirt buaidh air Diùra cuideachd.
Tha i a-nise air sgrìobhadh chun a' Phuist Rìoghail mun chùis is i ag ràdh gum bu chòir an aon ìre de sheirbheis a bhith aig eileanaich 's a tha aig coimhearsnachdan air tìr-mòr.
Thuirt neach-labhairt bhon Phost Rìoghail gu bheil iad fìor dhuilich gun robh dàil air an t-seirbheis phuist aig cuid ann an Ìle.
Dh'innis iad gur e suidheachadh ionadail a tha seo is gu bheil iad a' dèiligeadh ris.