Muilich 'son seirbheisean aiseig a chur an làmhan na coimhearsnachd

  • Air fhoillseachadh
Aiseag

Tha luchd-iomairt ann am Muile is Eilean Ì a' moladh gun rachadh seirbheisean aiseig a chur ann an làmhan na coimhearsnachd mar dhòigh gus piseach a thoirt orra.

Thuirt Comataidh Aiseig Mhuile is Eilean Ì gu bheil iad den bheachd gun gabhadh seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad na tha aig CalMac agus aig cosgais nas saoire.

Dh'innis a' chomataidh gu bheil fios nas fheàrr acasan cuideachd air feumalachdan na sgìre is iad a' cumail a-mach gum biodh e comasach dhaibh an t-seirbheis a ruith is prothaid a dhèanamh.

Chosgadh iad an t-airgead sin air bun-structar san dà eilean a leasachadh.

Thuirt iad gu bheil modail mar seo ag obair gu soirbheachail ann an Nirribhidh.

Tha a' chomataidh a-nise air rannsachadh a thòiseachadh gus fiosrachadh nas mionaidiche fhaighinn air mar a dh'obraicheadh na planaichean aca.

Fhuair iad £15,000 bho HIE airson seo a dhèanamh.

"Air an leigeil sìos"

"Chuir Riaghaltas na h-Alba air dòigh ath-sgrùdadh air seirbheisean aiseig ach tha iad fhathast gu daingeann den bheachd gum bu chòir na seirbheisean a bhith air an ruith à Gurraig is Dùn Èideann, fada bho na coimhearsnachdan eileanach a tha air an leigeil sìos bho là gu là", thuirt Joe Reade bho Chomataidh Aiseig Mhuile is Eilean Ì.

"Carson a thathar a' gabhail ris gur ann aig CalMac is CMAL a-mhàin a tha fios air mar bu chòir seirbheis aiseig a ruith? Tha cùisean a' dol ceàrr gu tric, dàil às dèidh dàil, aig cosgais mhòr do luchd-pàighidh nan cìsean.

"Seach gabhail ri seo is leantainn mar a tha, feumaidh sinn faighneachd a bheil dòigh nas fheàrr seirbheisean a ruith le smachd a chur ann an làmhan nan coimhearsnachdan fhèin".

Dh'innis Mgr Reade gun cosg ceithir aiseagan ùra do dh'Ìle is dha na h-Eileanan an Iar mu £230m. Thuirt e gum b'urrainn 11 catamaran a bhiodh freagarrach air slighean Mhuile is slighean eile a cheannach leis an airgead sin.

Tha e ag ràdh gu bheil seirbheisean a' chosta an iar "am measg an fheadhainn as neo-èifeachdaiche is as cosgaile san t-saoghal" ach gu bheil coltas ann nach eil na buidhean a tha gan ruith 'son dad atharrachadh.

Dh'innis Mgr Reade gun cuir a' chomataidh an rannsachadh air beulaibh na coimhearsnachd nuair a tha e deiseil.

Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba gu bheil iadsan cuideachd ag amas air seirbheisean aiseig a tha èifeachdach is seasmhach, ged nach eil iad a' gabhail ri cuid den chàineadh a thàinig bho Chomataidh Aiseig Mhuile is Eilean Ì.

Dh'innis iad ge-tà, gu bheil Riaghaltas na h-Alba air dèanamh soilleir tric is minig nach beachdaich iad idir air lìonra aiseag a' chosta an iar a bhriseadh suas.