
Chaill 22 dhuine am beatha san ionnsaigh air an 22mh den Chèitean 2017.
Tha dùil ri aithisg ùr Diardaoin mun ionnsaigh cheannairc air Arena Mhanchester bho chionn còig bliadhna.
Chaochail 22 duine anns an ionnsaigh air cuirm Ariane Grande sa Chèitean 2017.
Nam measg bha Eilidh NicLeòid, 14, à Barraigh.
Bidh an aithisg às ùr seo bhon rannsachadh phoblach a' coimhead ri mar a dhèilig na seirbheisean èiginn ris an ionnsaigh.
Tha teaghlaichean ag ràdh gu bheil fianais mu uireasbhaidhean a thàinig am bàrr air cur gu mòr ris a' chaoidh aca agus mar a tha iad a' fulang.
Tha iad ag ràdh ge-tà, gu bheil iad an dòchas gun dèan an sgrùdadh feum agus gum bi cothrom nas fheàrr ann san àm ri teachd daoine a dhìon bho ionnsaighean ceannairc.