Naidheachdan 11:00m
Aithisg Mhanchester
Thèid an dàrna aithisg ann an trì mu spreadhadh Arena Mhanchester fhoillseachadh an-diugh. Chaill 22 duine am beatha san ionnsaigh, Eilidh NicLeòid à Barraigh nam measg. Tha an aithisg seo a' ceasnachadh dè cho luath 's a fhreagair na seirbheisean èiginn na thachair.
Ìre an rèidh
Tha dùil gun cuir Banca Shasainn ìre an rèidh suas an-diugh aig an ìre as motha ann an còrr 's 30 bliadha mar oidhirp air dèiligeadh ris an atmhorachd. The eòlaichean den bheachd gum bi àrdachadh 0.75% ann gu 3%.
An Tuirc
Dh'èirich ìre na h-atmhorachd anns an Tuirc gu 85%, an ìre as motha ann an 24 bliadhna san dùthaich sin. Chaidh cosgaisean a' bhìdh agus siubhal suas gu mòr an sin air a' mhìos mu dheireadh. Ach a dh'aindeoin sin, tha Banca na Tuirc a' gearradh ìre an rèidh.
Andrew Bridgen
Thuirt Comataidh nan Inbhean Pàrlamaid gum bu chòir am BP Tòraidheach, Andrew Bridgen, a chasg bho na Cumantan airson còig là an dèidh dha riaghailtean modh a bhristeadh. Thuirt a' chomataidh nach tug e feairt air riaghailtean mu choiteachadh agus gun do rinn e dìmeas air coimiseanair nan inbhean. Thuirt Mr Bridgen gur e briseadh-dùil a tha dha ach gun gabh e ris.
Ionad Manston
Tha coltas gum faodadh cùis-lagh togail an aghaidh an riaghaltais mu stiùireadh ionad in-imrich Manston ann an Kent. Tha oidhirp ann an-dràsta air luchd-siridh comraich a chur gu àiteachan còmhnaidh eile leis gu bheil mòran a bharrachd air na bu chòir ann am Manston. Tha dùil ri Rùnaire na Dùthcha, Suella Braverman, aig an ionad an-diugh.
Aiseagan Mhuile is Ì
Tha muinntir Mhuile 's Eilean Ì ag amas air iad fhèin smachd a ghabhail air an t-seirbheis aiseig aca. Tha muinntir an dà eilean den bheachd gu bheil iad air chomas seirbheis nas seasmhaiche agus nas saoire a ruith na tha seirbheis ChalMac an-dràsta. Tha iad a' coimhead air Nirribhidh far a bheil na h-uimhir de sheirbheisean aiseig fo stiùir na coimhearsnachd.