Loganair a' ceannach ochd plèanaichean ùra

  • Air fhoillseachadh
Loganair

Dh'ainmich Loganair gum bi iad a' faighinn ochd itealain ùra mar phàirt de dh'aonta luach còrr air £10m.

Thuirt a' chompanaidh gum bi na h-itealain ATR Turboprops nas bàidheile don àrainneachd, agus tha iad an dùil gun tèid an cur ann an seirbheis an ath-bhliadhna.

Tha na Saab 340an air a bhith aig Loganair airson 23 bliadhna agus, aig aon àm, bha 17 dhiubh aig a' chompanaidh.

Tha ochd dhiubh aca an-dràsta ach, fon aonta seo, thèid an reic agus gheibh iad ochd ATR turboprops nan àite.

Bidh 27% nas lugha de thruailleadh charbon a' tighinn bho na plèanaichean ùra, a rèir Loganair, a tha a' feuchainn ri bhith carbon neodrach ron bhliadhna 2040.

Thuirt a' chompanaidh gum bi na h-ATR turboprops a cheart cho math air laighe ann an droch shìde 's a bha na Saab 340an, agus gun gabh iad barrachd dhaoine is luchd.

Thuirt àrd-oifigear Loganair, Ionatan Hinkles: "Tha na Saab 340an air deagh sheirbheis a thoirt dhuinn agus dhan luchd-cleachdaidh againn thar na 20 bliadhna mu dheireadh, ach tha an t-àm ann gluasad gu ginealach ùr de phlèana.

"Cuiridh na h-itealain ùra ATR dìon air ceanglaichean adhair taobh a-staigh lìonra na Gàidhealtachd is nan Eilean airson ginealachan ri thighinn."

Dh'ainmich Logan air a' mhìos seo chaidh gun deach luchd-comhairle fhastadh airson lorg fhaighinn air ceannaiche dhan ghnìomhachas.

Thathas ga reic le dòchas gun gabh luchd-seilbh ùra an gnìomhachas thairis ro mheadhan 2023.