Colaistean gus tighinn còmhla

  • Air fhoillseachadh
UHI Innse Gall, SteòrnabhaghTùs an deilbh, UHI
Fo-thiotal an deilbh,

Tha UHI Innse Gall - Colaisde a' Chaisteil mar a bh' air - am measg nan colaistean a thig còmhla.

Tha trì colaistean air a' Ghàidhealtachd air bhòtadh airson a dhol còmhla.

Dh'innis Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI) an-uiridh gun robh iad airson na trì colaistean - UHI Innse Gall, UHI Gàidhealtachd an Iar, is UHI Gàidhealtachd a Tuath - a chur ri chèile.

Tha iad a' cumail a-mach gum bi guth nas làidire aca còmhla, le barrachd chothroman rannsachaidh is cothroman ùra eile do dh'oileanaich, is a bhith a' freagairt nas fheàrr air feumalachdan nan sgìrean anns a bheil iad stèidhichte.

Ged a thog cuid draghan bho nochd am plana an toiseach, thuirt UHI nach bi an gluasad a' ciallachadh gum bi seirbheisean air an gluasad chun a' mheadhain.

Taic

Gheall iad cuideachd nach tèid duine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil is gun tèid comataidhean ionadail a chruthachadh anns gach sgìre fa leth.

Thuirt UHI gun do sheall co-chomhairle taic làidir airson nam planaichean is gu bheil bùird nan trì colaistean a-nise air bhòtadh air an son.

Ma thig cead riaghaltais, thig iad còmhla gu h-oifigeil bhon Lùnastal an ath-bhliadhna.

Tha co-chomhairle a' leantainn air dè an t-ainm a bhios air a' cholaiste ùir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh