Longan-adhair air a' Ghàidhealtachd gan sgrùdadh

  • Air fhoillseachadh
Long-adhairTùs an deilbh, Hybrid Air Vehicles

Tha rannsachadh air tòiseachadh feuch an gabhadh longan-adhair a chur gu feum air a' Ghàidhealtachd.

'S iad HIAL a tha air cùl an rannsachaidh is iad ag obair leis a' chompanaidh Hybrid Air Vehicles.

Dhealbh a' chompanaidh long-adhair air a bheil an Airlander 10.

Tha iad ag ràdh gur e dòigh a tha seo air eimiseanean a ghearradh is iad an-dràsta ag obair cuideachd air dreach den Airlander 10 a tha a' ruith air dealan a-mhàin.

Bhiodh an long-adhair comasach air luchd-siubhail agus bathar a ghiùlan, a rèir na companaidh, is thuirt iad gun urrainn dhan Airlander 10 sgèith ann an gaoth suas ri 30 mìle mara san uair, coltach ri Boeing 737.

Carbon neodrach

Dh'innis iad cuideachd nach eil na longan an eisimeil air port-adhair is nach eil feum ach air raon fosgailte a tha an ìre mhath rèidh 'son a dhol dhan adhair is laighe.

Thuirt HIAL gu bheil gluasadan mar seo cudromach nan oidhirp a bhith carbon neodrach.

Dh'innis iad gun toir an rannsachadh beachd air dè cho èifeachdach 's a bhiodh longan-adhair air a' Ghàidhealtachd.

Tha HIE, HITRANS, Comhairle Arcaibh is Loganair a' cur taic ris an sgrùdadh, a mhaireas trì mìosan.

Tha dùil ris an Airlander 10 a bhith ann an seirbheis bho 2026.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh