Rannsachadh ga dhèanamh air an gabhadh longan-adhair a chur gu feum air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan

Thòisich rannsachadh air an gabhadh longan-adhair a chur gu feum air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

'S iad HIAL a tha air cùl an rannsachaidh is iad ag obair leis a' chompanaidh Hybrid Air Vehicles, a dhealbh long-adhair air a bheil an Airlander 10.

Dh'fhaodadh a leithid emiseanan a ghearradh agus thuirt HIAL gu bheil gluasadan mar seo cudromach nan oidhrip a bhith carbon neodrach. Tha tuilleadh aig Calum MacAmhlaidh.