Naidheachdan 11:00m
Luchd-imrich
Chuir Rùnaire na Dùthcha, Suella Braverman, a h-ainm ri aonta ùr ris an Fhraing a tha ag amas air smachd a chur air in-imrich thar Chaolas Shasainn. Tha an t-aonta seo ann am Paris a' ciallachadh gum bi an t-suim airgid a tha Breatainn a' pàigheadh dhan Fhraing airson tuilleadh patrols agus sgrùdadh air cladaichean na Frainge a' dol suas mu ochd millean not gu trì fichead 's a trì millean.
Seansalair
Thuirt am Prìomh Mhinistear, Rishi Sunak, gu bheil e ceart cìsean a chur suas agus seirbheisean a ghearradh ann an òraid ionmhais an fhoghair, Diardaoin, oir gu bheil na molaidean sin air margaidhean an ionmhais a shocrachadh mu thràth. Thàinig rabhadh bhon t-Seansalair, Jeremy Hunt, gun tig air a h-uile duine barrachd chìsean a phàigheadh.
Cunntasan
Gheibh trì chairteal de mhillean duine - bho an-diugh - tuilleadh taic le cosgaisean cumhachd agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag atharrachadh an sgeama ann an Sasainn, an Alba agus anns a' Chuimrigh. Ach tha dragh air buidhnean carthrannais gun caill feadhainn taic oir gun do dh'atharraich na riaghailtean mu cò tha airidh air cuideachadh.
Pàighidhean
Agus bho an-diugh cuideachd tha Riaghaltas na h-Alba a' leudachadh Sochair na Cloinne dhan h-uile duine fo shia bliadhn' deug seach dìreach a' chlann as òige. Gu ruige seo cha robh a' faighinn na taic sin ach feadhainn fo shia bliadhna de dh'aois.
An Ugràin
Tha Ceann-suidhe na Ugràin, Volodymyr Zelensky, a' tadhal air baile Kherson a chaidh a shaoradh an t-seachain seo chaidh nuair a tharraing na feachdan Ruiseanach a-mach às. Thuirt an ceann-suidhe gun d'fhuair luchd-rannsachaidh fianais air eucoir-cogaidh an dèidh còrr is ochd mìosan fo smachd na Ruis.
Aiseagan
Bha call ochd gu leth millean not air eaconomaidh na Hearadh agus Uibhist a Tuath air an t-samhradh seo le trioblaid nam bàtaichean-aiseig. Sin an co-dhùnadh chun tàinig Buidheann Leasachaidh na Hearadh stèidhte air rannsachadh a rinn iad air figearan bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn. Shiubhal cha mhòr deich mìle nas lugha carbad air an Hebrides air an t-samhradh seo na shiubhail air an t-samhradh ann an 2019 agus tha dragh ann gum bi an call nas motha buileach mus tig an dà bhàta ùr ris am bheil dùil an ceann ceithir bliadhna.
G20
Tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Joe Biden, agus an Ceann-suidhe Sìonach, Xi Jinping, a' cumail chòmhraidhean an-diugh aig cruinneachadh dùthchannan an G20 ann am Bali. Seo a' chiad choinneamh eadar iad bho chaidh Mgr Biden a thagadh bho chionn dà bhliadhna.
An Rìgh
Tha co-là breith aig an Rìgh Teàrlach an-diugh agus e trì fichead 's a ceithir bliadhna deug, a' chiad cho-là breith mar Rìgh. Chan eil obair phoblach sam bith roimhe an-diugh ach bidh losgadh ghunnaichean air feadh Lunnainn feasgar a' comharrachadh an là.