
Tha rabhadh ann nach bi a' choimhearsnachd ann am Beàrnaraigh Leòdhais buan mura faigh iad sealbh air an eilean.
Tha eas-aonta eadar iad agus an t-uachdaran aig an ìre a-niste far a bheil iad ag ullachadh 'son toirt air Cyran de la Lanne-Mirlees an oighreachd a reic an aghaidh a thoil.
Seo a' chiad uair a bhiodh an t-earrann sin de lagh an fhearainn ga cleachdadh an aghaidh uachdarain.
Tha beachdan gan nochdadh nach eil an còrr aig a' choimhearsnachd ri chall, an dèidh dhaibh goireasan an eilein a chall thar nam bliadhnaichean mu dheireadh.
Tionndadh
Tha sgoil, oifis a' phuist agus bùth bheag an eilein, a bh' ann an Breacleit, a-niste air dùnadh.
Tha mòran anns a' choimhearsnachd den bheachd gur e an aon dòigh air an t-àite ath-bheothachadh am fearann a bhith ann an làmhan nan daoine fhèin.
"'S e a' choimhearsnachd an aon rud a th' air fhàgail ri chall," thuirt Calum MacAmhlaigh, a thàinig a dh'fhuireach a Bheàrnaraigh sna h-80an.
"Chan eil an còrr air fhàgail. Feumaidh sinn seo a thionndadh," thuirt e.
Na òige, tha cuimhne aig Mgr MacAmhlaigh air mòran a bhith a' cosnadh co-cheangailte ri cidhe Chirceaboist ann am Beàrnaraigh - far nach eil dad a' dol an-diugh.
"Bha còrr math air ceud duine a' cosnadh ann an Circeabost, eadar an t-iasgach, tuathanachas-èisg agus a' ghiollachd a bha a' dol air adhart aig an àm," thuirt e.
"Bidh mise a' cleachdadh sin mar an t-slat-tomhais agam de na dh'fhaodas Beàrnaraigh a dhèanamh, an taca ri mar a tha e an-dràsta.
"An-diugh, gu mì-fhortanach, chan eil duine air fhàgail a' cosnadh ann an Circeabost - 's tha easbhaidh mhòr an sin an taca ri mar a bha o chionn 40 bliadhna no mar sin.
"Chaidh sinn rathad fada - an rathad ceàrr - bhon uairsin," thuirt e.
"Gionach"
Chan eil fada bho chaidh drochaid ùr a chur thar a' chaolais chumhang eadar Leòdhas agus Beàrnaraigh, a chosg na milleanan notaichean.
Bha gun deach drochaid ùr a thogail an àite na seann tè a bh' ann na adhbhar misneachd dhan eilean.

Tha a' bhùth 's oifis a' phuist am Beàrnaraigh air dùnadh
Cha chosgadh e faisg uiread dhan choimhearsnachd an oighreachd a cheannach, ach chaidh cnap-starra a chur mu choinneimh muinntir an àite aig cha mhòr a h-uile ceum nan iomairt.
Fon lagh, chan fhaod iad càil nas motha na luach na h-oighreachd - £75,000 - a phàigheadh air a son. 'S e sin an cnap-starra as motha, 's an t-uachdaran ag iarraidh barrachd airgid.
Chaidh John Porteus an sàs anns an iomairt airson an oighreachd a cheannach an dèidh bàs seanair an uachdarain - an Count Robin de la Lanne-Mirlees - ann an 2012.
"Tha an t-uachdaran a th' ann air a bhith ga ghiùlain fhèin ann an dòigh gu math gionach," thuirt e.
"Tha e a' feuchainn ri airgead fhaighinn a-mach às an oighreachd rathad sam bith as urrainn dha.
"Tha e a' cur maill air leasachadh, a' diùltadh freagairt a thoirt do litrichean is puist-d bho luchd-lagha, 's a' diùltadh conaltradh sam bith a dhèanamh.
"Tha sin sàraichte dhan a h-uile duine an seo," thuirt e.
Chan eil an-diugh ach mu 200 duine a' fuireach am Beàrnaraigh.
"Tha e a' cur casg air daoine o bhith a' togail thaighean air croitean, 's e ag iarraidh an t-uabhas airgid airson feu," thuirt Tormod Dòmhnallach, a rugadh 's a thogadh san eilean.
"'S e a' chiad rud a dh'fheumas sinn ann an seo, obair fhaighinn.
"Ma gheibh sinn obair, tàlaidh sin sluagh ann an seo.
"Nuair a bha mi ag èirigh suas bha an t-àite a' goil le daoine. Daoine a' tighinn a-steach dhan eilean a dh'obair.
"Ach tha e a-nis air a dhol an ceart-aghaidh sin, 's tha an sluagh a' falbh."
Chan e nach eil sluagh ann a dh'iarradh tilleadh a Bheàrnaraigh.
"Tha mi air a bhith ag iarraidh a' chroit agam a cheannach o chionn trì bliadhna a-nise," thuirt Neil James MacAmhlaigh, aig a bheil triùir nigheanan, 's tha e airson talamh a thoirt dhaibh ach an tog iad taighean.
Chan urrainn dha sin a dhèanamh ge-tà, gun sealbh a bhith aige fhèin air an talamh.
"Eadar na nighnean agam uile tha còignear chloinne òg aca.
"Anns an teaghlach againne a-mhàin tha dusan duine-cloinne ann a dh'fhaodadh a bhith a' fuireach an seo. Dh'fhaodadh iad an sgoil fhosgladh a-rithist.
"Nuair a tha uachdaran agad nach bi fiù 's a' tighinn a Bheàrnaraigh - tha e a' fuireach sa Ghearmailt - 's e caran coma mun àite, 's e seo an seòrsa thrioblaidean a th' agad.
"Chan urrainn dhut dad a dhèanamh 's tha an t-àite dìreach a' dol na chadal cha mhòr," thuirt e.

'S e eilean beag a th' ann am Beàrnaraigh far chladaichean an iar Leòdhais
Fon lagh a th' ann, tha Urras Bheàrnaraigh a-niste a' deasachadh tagraidh fo Earrann 3 den Achd, a tha a' leigeil le coimhearsnachd croitearachd toirt air uachdaran an talamh a reic riutha an aghaidh an toil.
"Tha a' choimhearsnachd a' bàsachadh," thuirt Mgr Porteus.
"Tha aois duine sa chumantas ag èirigh 's a' sìor èirigh. Tha an òigridh a' falbh.
"Chan eil mòran dòchais ann a' coimhead air adhart, mura faigh sinn smachd air an fhearann gus an tèid againn air leasachadh a bhrosnachadh 's cosnaidhean a chruthachadh, 's taighean a chur air dòigh air am faigh daoine òga cothrom na Fèinne.
"Mura tèid againn air sin a dhèanamh, chan eil coltas math sam bith air cùisean," thuirt e.
Bha 85% den luchd-còmhnaidh a bhòt anns a' chiad bhaileat airson an oighreachd a cheannach.
Tha an t-Urras an dòchas dàrna bhòt a chumail ro dheireadh a' Ghearrain an ath-bhliadhna.
Bidh bhòt aig a h-uile duine sa choimhearsnachd a-rithist, ach an turas seo feumaidh a' mhòr-chuid de na croitearan a bhòtas a bhith air a shon cuideachd.
Chan e seo a' chiad uair ann an eachdraidh Bheàrnaraigh a sheas muinntir an àite aig uachdaran.
"Feumaidh tu cuimhneachadh gun tàinig air daoine anns an eilean seasamh an-àirde ron seo, bho chionn còrr air ceud bliadhna," thuirt Mgr Dòmhnallach, a tha a' cur taic ris an iomairt.
"Bhathas a' toirt bhuapa pàirt den mhòintich.
"Chaidh plocan a shadail air na daoine a thàinig a-nall, 's chaidh fear à Beàrnaraigh a Steòrnabhagh 's chaidh a chur dhan phrìosan.
"Dh'fhalbh na croitearan a-null a Steòrnabhagh 's bha iad a' dol a bhriseadh a-steach dhan phrìosan.
"Leig na poilis an duine a-mach, agus 's ann an uairsin a chaidh iad suas dhan chaisteal, agus chaidh faochadh fhaighinn.
"Chan eil adhbhar sam bith nach dèan sinn sin a-rithist," thuirt e.
Dh'iarr sinn beachd bho luchd-lagha Mhgr de la Lanne-Mirlees, ann an Steòrnabhagh, air na casaidean na aghaidh ach cha d' fhuair sinn freagairt fhathast.