Corp air a lorg an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Donnchadh MacLeòidTùs an deilbh, Poilis Alba

Chaidh corp fireannaich a bha a dhìth ann an Uibhist a Tuath a lorg.

Dhearbh na poilis gur e Donnchadh MacLeòid, 52, às a' Bhàgh Mhòr ann an Griomasaigh a bh' ann.

Fhuair na poilis fios Diluain gun robh Mgr MacLeòid air a dhol a dhìth agus nach deach cluinntinn bhuaithe bho Dhiciadain seo chaidh.

Chuirear iomairt air dòigh gus a lorg, le heileacoptair nam maor-cladaich à Steòrnabhagh, bàta-teasairginn an t-Òib, agus sgiobaidhean maoir-chladaich à Loch nam Madadh, Beinn nam Faoghla agus Loch Baghasdail uile an sàs.

Smuaintean

Dh'innis na poilis gun deach corp a lorg mu 12:00f Diciadain sa mhuir faisg air Griomasaigh.

Thuirt an t-Inspector Iain MacThorcadail gun robh teaghlach agus caraidean Mhgr MhicLeòid nan smuaintean.

Dh'iarr a theaghlach nach deadh dragh a chur orra agus thug iad taing dhan h-uile duine, nam measg a' choimhearsnachd ionadail agus na seirbheisean èiginneach, a bha sàs an iomairt lorg fhaighinn air.

Thuirt na poilis nach robh iad amharasach mun chùis agus gun tèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.