Stailc gus bualadh air sgoiltean aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Sgoil

Dhearbh ùghdarrasan ionadail na Gàidhealtachd is nan Eilean gum bi na sgoiltean aca dùinte Diardaoin an 24mh den t-Samhain ri linn stailce am measg thidsearan.

Tha aonaidhean an EIS is AHDS a' dol air stailc gu nàiseanta ann an eas-aonta mu phàigheadh.

Chaidh àrdachadh 5% a thabhann orra ach tha na h-aonaidhean ag iarraidh 10% mar thoradh air mar tha an atmhorachd ag èirigh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe nach eil an còrr airgid ann airson àrdachaidhean pàighidh eile san roinn phoblaich.

A thuilleadh air an stailc Diardaoin, tha an EIS air innse gu bheil dùil ri stailc eile anns na bun-sgoiltean air an 10mh den Fhaoilleach, agus anns na h-àrd-sgoiltean air an 11mh.

Tha dùil gun toir stailc eile le aonadh an SSTA san Dùbhlachd buaidh air na h-àrd-sgoiltean.

Sàbhailteachd

Thàinig dearbhadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Diardaoin gum bi na sgoiltean aca uile dùinte.

Bidh a' mhòr-chuid de na sgoiltean-àraich fosgailte ann an Earra-Ghàidheal ge-tà.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dùil aca ri tòrr nas lugha thidsearan is stiùirichean anns na sgoiltean là na stailce is mar sin gum feum iad na sgoiltean a dhùnadh airson sàbhailteachd na cloinne.

Tha seo a' leantainn air comhairlean eile air feadh na h-Alba a bha mar-thà air dearbhadh gum biodh na sgoiltean aca dùinte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo