Fearg an Ìle le mar a tha làraidhean a' bucadh àite air an aiseag

  • Air fhoillseachadh
MV Finlaggan

Tha an dòigh anns a bheil companaidhean bathair a' gleidheadh àite dhaibh fhèin air bàt-aiseig Ìle a' cur fearg air a' choimhearsnachd.

Chuala coinneamh den chomhairle choimhearsnachd Diardaoin gu bheil àite ga bhucadh do làraidhean suas ri sia mìosan ro làimh.

Faodaidh na companaidhean an t-àite a tha sin a chumail cho fad ri 24 uairean a thìde mus seol am bàta, ged a tha fios aca nach bi iad a' cur feum air an àite sin.

Tha cead aca sin a dhèanamh leis gur e sin am poileasaidh a tha aig CalMac.

Ach le mar a tha gnìomhachas an uisge-bheatha air fàs ann an Ìle, tha am bathar air na seirbheisean aiseig air leudachadh cuideachd a' ciallachadh gu bheil nas lugha rùm air na seirbheisean aiseig do mhuinntir an eilein agus luchd-turais, rud a tha ag adhbharachadh call dhan gnìomhachas sin.

Bha beachd aig a' choinneimh gum bu chòir sin atharrachadh.

Draghan

Chaidh a ràdh cuideachd gu bheil cothrom aig CalMac na h-àiteachan a tha air an cur air doigh do chompanaidhean a lùghdachadh ma tha iad tric a' cur às dhan bhucadh a th' aca aig a' mhionaid mu dheireadh, agus dh' iarr cuid gun tachradh sin nas trice.

Thuirt Comataidh Aiseagan Ìle gun deach 5,000 àite do charbad a chall thar trì mìosan eadar an t-Ògmhìos agus an Lùnastal am-bliadhna.

A thuilleadh air a sin, tha dragh orra mun Ghearran agus mun Mhàrt nuair a bhios an Hebridean Isles agus an Isle of Arran a' dol an àite an Finlaggann.

'S iad an dà bhàta as sine sa lìonra agus tha dragh air a' bhuidhinn gum faodadh tè seach tè briseadh nuair a tha iad a' frithealadh na seirbheis.

Thuirt a' bhuidheann gun do thog iad na draghan aca le CalMac agus gun d'fhuair iad seòladh no dhà a bharrachd as t-samhradh, ach thuirt iad nach deach gabhail ri molaidhean eile a chur iad air adhart.

Riochdairean coimhearsnachd

Thuirt an Comhairliche Dougie MacPhàrlain gun do chuir Còmhdhail Alba cuideam air a' bhuidhinn Daibhidh Mhic a' Bhriuthainn riochdairean coimhearsnachd a chur air a' bhòrd aca.

Tha Daibhidh Mhic a' Bhriuthainn a-nis a' sireadh dithis riochdairean coimhearsnachd agus bha Comhairle Choimhearsnachd Ìle a' beachdachadh air cò aca a dh'fhaodadh a dhol air a' bhòrd - ged nach do chuir neach ainm air adhart.

Faodadh an dithis riochdairean a tha sin a thighinn bho eilean sam bith.

Thuirt Àrd-stiùiriche ChalMac Robbie Drummond: "Tha sinn mothachail gu bheil seòlaidhean a dh'Ìle trang, agus chaidh togail air a sin ann am Plana nam Bàtaichean Aiseig Albannach.

"Thèid an suidheachadh a leasachadh le bàtaichean ùra. San eadar-ama tha sinn ag èisteachd gu dlùth ris an luchd-cleachdaidh againn air fad airson dèanamh cinnteach gu bheil am fuasgladh às fheàrr againn air na h-iarrtasan air fad a tha ann airson nan seirbheisean againn.

"Tha bathair na phàirt cudromach de dh'eaconamaidh an eilein agus tha luchd-bathair ag obair còmhla rinn ann an dòigh shùbailte 'son trafaig a ghluasad gu sònraichte ma tha droch shìde no dàil sa bith eile ann.

"Tha grunn àiteachan air a bhucadh aig an aon àm air slighean Ìle agus bidh sinn an còmhnaidh a' cumail sùil air a sin."