
Bidh ionad ùr an Inbhir Nis a' rannsachadh cheanglaichean eadar galaran bheathaichean agus mhic an duine.
Tha eòlaichean aig Ionad Eòlas nan Galaran-sgaoilte agus Slàinte Àrainneachd na Cruinne (CEPH) a' toirt rabhaidh mun chunnart a dh'fhaodadh a bhith an cois bhìorasan ùra sna deich bliadhna a tha romhainn.
Am measg nan galaran a tha an luchd-saidheins a' sgrùdadh tha an fheadhainn a dh'fhaodadh sgapadh bho bheathaichean gu daoine.
Tha an t-ionad ùr stèidhichte aig làrach a' chinn a tuath de Cholaiste Dhùthchail na h-Alba ann an Inbhir Nis.
Thuirt an t-Ollamh John Berezowski, cathraiche an sgrùdaidh ghalaran aig CEPH: "Faodaidh dùil a bhith againn thairis air an ath 20 bliadhna ri bhìorasan agus galaran ùra a dh'fhaodadh a bhith air leth millteach.
"Tha cruaidh fheum airson an rannnsachaidh a bhios an t-ionad ùr seo a' dèanamh airson gach roinn a chuideachadh gus dèiligeadh ann an dòigh nas èifeachdaiche agus nas luaithe le na dùbhlain a dh'fhaodadh a bhith romhpa."