
Thèid cha mhòr £20bn a chosg air dì-choimiseanadh seann bhun-structair na h-ola agus a' ghas anns a' Chuan a Tuath thairis air an deich bliadhna a tha romhainn.
Tha dùil gum faigh gàrraidhean air Ghàidhealtachd buannachd às, leithid Gàrradh Chiseorn air taobh siar Rois.
Dh'innis aithisg aig Offshore Energies UK gum faodadh £2bn a bhith air a chosg am-bliadhna fhèin.
'S e dì-chomiseanadh pàirt den eaconomaidh a bhathas an dùil a bha gu bhith a' fàs, le ola agus gas a' crìonadh.
Tha a' bhuidheann Offshore Energies UK air innse gu bheileas an dùil gum fàs an roinn seo gu mòr thairis air a' dhà neo thrì bhliadhnaichean a tha ri thighinn.
Ciseorn
Thairis air an deich bliadhna a tha ri thighinn, thèid còrr air 2,000 tobar a dhùnadh.
Cosgaidh sin faisg air £8m airson gach tobrach.
Thathas an dùil gum bi mu 600 de na tobraichean sin a' dùnadh ro 2024.
Tha an gnìomhachas ag ràdh gum biodh seo na thaic do shèine-sholair ola agus gas, ach gu bheil feum air taic bhon Riaghaltas airson dèanamh cinnteach nach tèid an leithid de dh'obair a-null thairis.
'S e fear de na h-àiteachan a tha an dòchas buannachd fhaighinn às an airgead, Gàrradh Chiseoirn air taobh siar Rois.
Chaidh obair air an doca-thioram an sin - fear den fheadhainn as motha san Roinn Eòrpa - a chrìochnachadh o chionn ghoirid, agus tha ceadan a-niste aca fo riaghailtean teann àrainneachdail.
Tha Kishorn Port Eta ag ràdh gu bheil iad ann an deagh shuidheachadh airson obair dì-choimiseanaidh fhaighinn.
"Saoilidh mi gur ionnan 30-50 cosnadh ann an Ciseorn agus 500 cosnadh ann an Obar Dheathain, no an Dùn Èideann, no Glaschu mar eisimleir," thuirt Alasdair Fearghasdan, a tha na stiùiriche air a' chompanaidh.
"Tha sinn air deagh chàirdeasan a thogail agus sinn air a bhith a' cumail sùil air a' mhargaidh seo o chionn ùine a-niste.
"Tha dùil againn cùl an doca-thioraim a leudachadh ach an gabh e soithichean nas motha agus structaran eile.
"Tha na teisteanasan a th' againn a-niste a' ceadachadh sin.
"Tha sinn ann an sgìre dhùthchail. Tha e gu bhith mìorbhaileach.
"Tha sinn mar thà a' dèanamh gu math 's sinn air cùmhnantan ùra a bhuannachadh sna seachdainnean mu dheireadh.
"Tha an naidheachd seo mu mhaoineachadh airson obair dì-choimiseanaidh a' toirt dòchais dhuinn a' dol air adhart," thuirt e.
Thuirt e gur dòcha gum faigh suas ri 100 duine obair an lùib nan cùmhnantan as motha a dh'fhaodadh iad fhaighinn.