Naidheachdan 11:00m
Sir Keir Starmer
Dh'innis Sir Keir Starmer do cho-labhairt an CBI gum feum gnothachasan Breatannach gabhail ris nach urrainn dhaibh a bhith an eisimeil luchd-obrach a tha a' tighinn dhan dùthaich bho thall-thairis. Ann an òraid aig a' chruinneachadh ann am Birmingham, thuirt Sir Keir gun cuireadh riaghaltas Làbarach planaichean air adhart airson luchd-obrach Breatannach a thrèanadh agus an economaidh a stiùireadh air falbh bho rud a dh'ainmich e mar "modal nan tuarastalan ìosal".
An NHS
Tha dùil gun coinnich Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, ri aonaidhean slàinte an-diugh ann an oidhirp stad a chur air luchd-obrach an NHS bho bhith a' dol air stailc. Tha e air a thuigsinn gu bheil Riaghaltas na h-Alba deiseil airson airgead a thoirt bho roinnean eile airson piseach a thoirt air an tairgse phàighidh a tha iad a' tabhann. Tha na h-aonaidhean ciùird a' toirt rabhhaidh gun cum iad stailc ron Nollaig, mura tig an Riaghaltas air adhart le àrdachadh tuarastail nas fialaidh.
Amannan Feitheimh
'S thàinig beagan de phiseach air ùineachan feitheimh aig ionadan A&E na h-Alba. Anns an t-seachdain chun an 13mh là den t-Samhain bha an ìre de dh'euslaintich a bha a' feitheamh nas lugha na ceithir uairean de thìde a' seasamh aig 65.3%. Tha sin an-àirde 0.2% air an t-seachain ron sin.
Tubaist
Chaidh boireannach a bhàsaich ann an tubaist-rathaid air an A9 Diardaoin seo chaidh ainmeachadh leis na Poilis. Bha Claire NicUilleim, aois 55, à Dùn Phàrlain, aig cuibhle carbaid Mini Cooper nuair a thachair an tubaist aig Bankfoot ann an Siorrachd Pheairt.
Indonèisia
Thuirt luchd-teasairginn ann an Indonèisia gur e clann-sgoile a bh' ann am mòran de na chaill am beatha ann an crith-thalmhainn ann an Java an Iar. Dh'adhbharaich a' chrith-thalmhainn, a chaidh a thomhas aig 5.6, maoimean-slèibhe, a thiodhlaic grunn bhailtean beaga. Tha riaghaltas na dùthcha a-niste ag ràdh gu bheil àireamh nam marbh air sreap gu 268.
Cumhachd
Tha grunn chompanaidhean cumhachd a chaidh a chàineadh le Ofgem a' gearain gun do dh'fhoillsich an riaghladair aithisg neo-iomlan air an obair aca. Chaidh innse do 17 companaidhean nach robh iad a' dèanamh gu leòr airson luchd-cleachdaidh so-leònte a chuideachadh. Thog Ofgem air rudan mar a bhith a' stèidheachadh ìrean ais-phàighidh cho àrd 's gun robh e do-dhèante do dhaoine a bhith a' ceannach dealain a bharrachd. Tha Utilita agus So Energy ag ràdh nach tug an aithisg aithne do leasachaidhean a bha iad mar thà air a chur an sàs.
An Ucràin
Agus tha seirbheisean tèarainteachd na h-Ucràin a' dèanamh sgrùdaidh air tè de na manachainnean as ainmeile san dùthaich agus iad an amharas gu bheil i ga cleachdadh le luchd-taic na Ruis. Tha iad a' coimhead a bheil Lavra Kyiv-Pechersk a' falach luchd-brathaidh no feachdan dìomhair Ruiseanach, no a' stòradh armachd. Tha a' mhanachainn ann an Kyiv clàraichte le UNESCO mar thè de Làraichean Dìleib na Cruinne. Tha i air a ruith le meur den Eaglais Ortodocsaich, a bha gu bho chionn ghoirid dìleas do dh'ùghdarrasan na h-eaglaise anns an Ruis.