
Tha planaichean a' dol air beulaibh chomhairlichean an t-seachdain seo airson atharrachadh mòr a thoirt air Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis.
Tha e mar aon de na sràidean as tràinge sa bhaile, ach bhathas ri co-chomhairle air na cabhsairean a dhèanamh nas leatha airson a dhèanamh nas fheàrr do luchd-coiseachd, agus luchd-baidhseagail.
Às dèidh bheachdan bhon mhòr-shluagh, ge-tà, thathas a-nis a' moladh trafaig a chasg bho Shràid na h-Acadamaidh - ach a-mhàin an leithid bhusaichean, tacsaidhean agus corra charbad eile.
Thèid na planaichean air beulaibh comataidh Inbhir Nis den Chomhairle Diardaoin.