
Thuirt am BPA Gàidhealach, Rhoda Grannd, gum bu chòir do bhuidhnean leithid Taigh-cluiche Eden Court an Inbhir Nis gu leòr maoineachaidh fhaighinn airson an cuideachadh tro amannan duilich eaconomach.
Bha am ball Làbarach a' bruidhinn an dèidh do dh'Eden Court innse gun geàrr iad 10% den luchd-obrach aca.
Tha 143 duine ag obair aca an-dràsta.
Thuirt Eden Court gun cuidich an gluasad iad a bhith air stèidh nas seasmhaiche a thaobh ionmhais san ùine fhada.
Maoineachadh
Tha iad a' coireachadh na h-atmhorachd agus nach eil uimhir a' tighinn thuca an dèidh a' phandemic 's a bha iad an dùil.
Tha iad cuideachd ag amas air uairean-obrach a lùghdachadh mu 20% bhon 9mh là den Fhaoilleach.
Thuirt Rhoda Ghrannt gur e amannan duilich th' ann do bhuidhnean an sàs anns na h-ealain agus cultar.
"Tha mo chridhe a' dol a-mach chun nan daoine a tha an sàs," thuirt i.
"Bidh a h-uile duine den luchd-obrach an sin caran daghail an-dràsta.
"Tha a h-uile duine a' dol tro èiginn nan cosgaisean bith-beò, agus mura h-eil an obair agad cinnteach tha sin ga dhèanamh a dheich uimhir nas miosa.
"'S e comharra a th' ann ge-tà, air na tha sinn a' cluinntinn ann an àiteachan eile, gu h-àraid mu roinn na h-ealain 's a' chultair, agus chuala sinn mu thèatairean eile 's an leithid a' tighinn fo uallach 's a' dol ann an làmhan luchd-rianachd.
"Mar sin dheth, 's dòcha nach eil seo na chùis iongnaidh mhòir sam bith gu bheil na h-aon dùbhlain mu choinnneimh Eden Court cuideachd," thuirt i.
Tha i ag ràdh gu bheil e cudromach gum bi maoineachadh gu leòr ga thoirt don roinn aig an àm seo airson a cumail a' dol.
"Tha dragh mòr orm mu mhaoineachadh dhan roinn phoblaich," thuirt i.
"Saoilidh mi gu bheil daoine a' faicinn na h-ealain 's a' chultair mar thargaidean furasta airson ghearraidhean aig amannan mar seo leis nach eil iad riatanach san aon dòigh 's a tha leithid slàinte.
"Ach bidh iad a' dìochuimhneachadh gu bheil sinn uile feumach air na h-ealain 's cultar.
"Tha e math do shlàinte-inntinn dhaoine gu bheil cothrom aca air a leithid aig an àm seo 's daoine fo uallach 's draghail.
"Tha sin air leth cudromach, bhon tha e a' toirt inntinnean dhaoine far nan trioblaidean aca fhèin, 's a' toirt na h-uimhir de shaorsa dhaibh.
"Chan fhuilear dhuinn an neo-phrìs a chur air na h-ealain 's a' chultair aig an àm seo," thuirt i.
Tha an taigh-cluiche a' feuchainn dòighean eile gus barrachd dhaoine thàladh thuca - nam measg tiocaidean aig prìs nas ìsle a thabhainn air daoine tha ga fhaighinn doirbh dèiligeadh ri cosgaisean bith-beò.