Prìomh Chùirt: "Feumar cead Westminster" 'son reifreann

  • Air fhoillseachadh
Prìomh Chùirt na Rìoghachd AonaichteTùs an deilbh, Getty Images

Chan fhaod Riaghaltas na h-Alba referendum a chumail air neo-eisimeileachd gun chead bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Sin co-dhùnadh Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte a dh'fhoillsich iad madainn Diciadain.

Tha am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, airson referendum a chumail air an 19mh là den Damhair an ath-bhliadhna.

Ach cho-dhùin a' chùirt gu h-aona-ghuthach nach eil de chumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba an reachdas airson a leithid a chur troimhe.

Nicola SturgeonTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Ms Sturgeon gun robh an riaghladh a' sealltainn nach e compàirteachas saor-thoileach a th' anns an RA

Tha Riaghaltas na RA thuige seo air diùltadh cead a thoirt seachad airson bhòta, leithid na thug iad seachad air thoiseach air an referendum ann an 2014.

Thuirt Ceann-Suidhe na Cùirte, am Morair Reed, gu bheil na laghan a chruthaich Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999 a' fàgail nach eil de chumhachd aig Holyrood reachdas a dhèanamh a thaobh ghnothaichean bunreachdail - Achd an Aonaidh nam measg.

Dhiùlt e cuideachd argamaid Riaghaltas na h-Alba nach biodh referendum sam bith ach "comhairleachail" 's nach toireadh e mar sin buaidh laghail air an Aonadh, gun ach beachd dhaoine ga iarraidh co-dhiù bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich.

Thuirt am britheamh gu bheil am bile a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh a' buntainn ri gnothach a tha fo smachd Pàrlamaid Westminster.

Às aonais aonta eadar an dà riaghaltas mar sin, chan eil cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba reachdas a chur troimhe air referendum, thuirt e.

"Bhiodh buaidh chudromach phoilitigeach aig referendum a dheadh a chumail gu laghail a thaobh an Aonaidh agus Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte," thuirt am Morair Reed.

"Bhiodh ùghdarras aig toradh an referendum sin, ann am bunreachd agus cultar poilitigeach a th' air a bhonntachadh air cur an cèill deamocratach bheachdan luchd-bhòtaidh na h-Alba."

A' sgrìobhadh air Twitter, thuirt Nicola Sturgeon gur e "briseadh-dùil" a th' anns an riaghladh, ach gun robh i a' toirt spèis do cho-dhùnadh na cùirte, 's i a' cur cuideam air dleastanas nam britheamhan an lagh a chur an cèill, seach a dhèanamh.

"Tha lagh nach eil a' ceadachadh do dh'Alba a slighe fhèin a roghnachadh gun chead Westminster a' nochdadh gur e miotas a th' ann am beachd gur e compàirteachas saor-thoileach a th' anns an RA, 's a' dèanamh na h-argamaid airson neo-eisimeileachd", thuirt i.

Argamaidean laghail

Chaidh a' chùis a chur fa chomhar na Prìomh-Chùirte leis a' Mhorair-Tagraidh, Dorothy Bain KC, prìomh oifigear lagha Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Ms Bain aig an àm nach robh de chinnt aice gun robh cumhachd aig Holyrood reachdas a chur troimhe airson referendum gun chead Westminster.

Thuirt i gun robh a' cheist "cudromach dha-rìribh don phoball" agus dh'iarr i air a' chùirt as àirde san RA riaghladh cinnteach a thoirt seachad.

Chuala a' chùirt dà là de dh'argamaidean laghail bho gach cuid Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba air a' mhìos a chaidh, leis an riaghladh air tighinn dìreach sia seachdainnean an dèidh sin - nas tràithe na bhathas an dùil.

Tha cunntasan beachd o chionn ghoirid air sealltainn gu bheil muinntir na h-Alba air an sgarradh an ìre mhath co-ionnan air cùis na neo-eisimeileachd, le mòr-chuid gu math beag airson fuireach san Aonadh.

Tha Ms Sturgeon air a ràdh gun cleachdadh i an ath thaghadh coitcheann mar "referendum de facto" nan deadh co-dhùnadh na cùirte na h-aghaidh, leis an SNP ag iomairt air cùis na neo-eisimeileachd a-mhàin.