Sguirear a chlo-bhualadh còig pàipearan Gàidhealach

  • Air fhoillseachadh
Courier Inbhir Nis

Cho-dhùin buidheann phàipearan-naidheachd Gàidhealach, Highland News & Media, gu bheil iad a' dol a sguir a chlo-bhualadh còig de na pàipearan naidheachd aca, nam measg an Highland News agus an North Star.

Thèid an Highland News amalachadh le Courier Inbhir Nis, leis an North Star ga amalachadh leis a Ross-shire Journal.

Bidh an Turriff Adverstiser, Inverurie Advertiser agus an Ellon Advertiser a' dùnadh buileach glan le aithrisean a' dol air làrach-lìn Grampian Online nan àite.

Thuirt Highland News & Media gun deadh na h-aithrisean sin a chruthachadh le luchd-naidheachd a tha a' fuireach agus ag obair sna sgìrean.

Thèid na h-atharrachaidhean a chur an sàs ro dheireadh na bliadhna.

Thuirt Highland News & Media gu bheil iad a' gluasad gu a bhith a' dèanamh barrachd stuth air-loidhne.

Tha cuid de dh'obraichean ann an cunnart, ach thuirt a' bhuidheann gun robh iad an dòchas nach deadh duine a chur a-mach às an dreuchdan an aghaidh an toil.

"Tha sinn ag amas air obraichean a dhìon san ùine fhada le a bhith a' cur barrachd fòcais air na goireasan didseatach againn.

"Tha sinn airson an àireamh obraichean a thèid a chall a chumail cho ìosal 's a ghabhas fhad 's a tha sinn a' gluasad a' ghnothachais bho chlò-bhualadh gu obair dhidseataich," thuirt iad.