Atharrachadh air gnothaichean eaglais ann an Cataibh

Tha cruth-atharrachadh a' tighinn air gnothaichean eaglais air a' Ghàidhealtachd.

Tha eaglaisean gan dùnadh 's gan reic, co-thionalan gan toirt còmhla, cosgaisean ag èirigh agus lùghdachadh air ballrachdan.

Tha coltas ann nach bi ach ceathrar mhinistearan ann an Cataibh an ceart-uair - far am b' àbhaist seachdnar a bhith.

Seo Pàdruig MacAmhlaigh.