Ceistean mu bhàt'-aiseig ùr na Hearadh

  • Air fhoillseachadh
Bàt'-aiseig ri cidhe an Tairbeirt

Chaidh ceistean a thogail anns na Hearadh oidhche Ardaoin mun bhàt'-aiseig ùr a gheibh iad.

Chum CMAL coinneamh an sin an dèidh dhaibh a bhith ann an Ùige is Loch nam Madadh na bu tràithe an t-seachdain seo.

'S e CMAL a tha an urra ris na goireasan a tha CalMac a' cleachdadh, leithid nam bàtaichean agus nam port.

Cha tig am bàta ùr do shlighe an Tairbeirt a' chiad ghreis ge-tà.

Agus tha ceistean ann cuideachd mu na thachras san eadar-ama.

Tha gearan mòr anns na Hearadh gu bheil an troimhe-chèile le aiseagan a' toirt buaidh mhòir air eaconomaidh na sgìre.

Tha an Tairbeart air a bhith a' roinn bàt'-aiseig le Loch nam Madadh air an t-slighe eadar iad agus Ùige an Eilein Sgitheanaich o chionn fhada a-niste.

Chuir muinntir na Hearadh fàilte air an naidheachd gum faigh iad bàta dhaibh p'fhèin, ach le triobliadean teicnigeach agus droch-aimsir air buaidh mhòr a thoirt air an t-seirbheis a th' ann, tha fadachd orra seirbheis nas fheàrr fhaiginn.

Dìcheall

Le turasachd cho cudromach do dh'eaconomaidh an àite, tha dragh gu h-àraid gun nochd na h-aon trioblaidean an ath-bhliadhna 's a th' air a bhith ann am-bliadhna, 's gum fàg sin nas lugha dhaoine a' tighinn.

Tha CMAL ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill airson fuasgladh fhaighinn dhan trioblaid.

"Tha na h-oifigearan againn air a bhith ag obair gu dìcheallach a' feuchainn ri bàtaichean eile fhaighinn mus bi am bàta ùr deiseil ga togail," thuirt Murchadh MacIllFhinnein, a th' air bòrd-stiùiridh CMAL.

"'S tha iad a' feuchainn feadhainn, mar a chluinneas mi, ann an Nirribhidh cuideachd.

"Cha tàinig sin air adhart fhathast, ach tha iad ag obair air," thuirt e.

Tha dùil ri co-dhùnadh CMAL cò gheibh an cùmhnant - luach co-dhiù £115m - airson na bàtaichean ùra a thogail, san Fhaoilleach.