
Tha na poilis air fireannach a chaidh a mharbhadh ann an tubaist san robh trì charbadan an sàs faisg air Inbhir Narann Dihaoine ainmeachadh.
B' e Callum Ewen, 23, à sgìre Fachabair.
Thachair an tubaist faisg air ceann-rathaid an A939 aig Bog na Fuaran mu 07:35m.
Chaidh boireannach a thoirt dhan ospadal ach chan eil fhios mar a tha i.
Thuirt Poileas Alba gun robh an sgrùdadh aca a' leantainn.
Thuirt an Sairdseant Chris Donaldson: "Dh'iarrainn air duine sam bith aig am faodhadh fiosrachadh a bhith, bruidhinn rinn."