
Chaidh obair-càraidh air an A9 a dh'adhbharaich maill mhòr air trafaig Diluain a stad tron là.
Thòisich Bear Alba obair còig là air slighe a tuath an rathaid aig Druim Uachdair tràth madainn Diluain.
Ach, b' fheudar sguir dheth ochd uairean de thìde an dèidh sin, 's e a' toirt buaidh ro mhòr air trafaig.
Bha maill còrr air uair de thìde air dràibhearan ri linn siostam conbhoidh agus casg-astair 10 m.s.u.
Thuirt Bear Alba gun deadh an obair a-niste a dhèanamh tron oidhche.