A' chiad gheama eadar-nàiseanta

Tha 150 bliadhna bho chluich Alba is Sasainn a' chiad gheama ball-coise eadar-nàiseanta a-riamh. B' e toiseach na slighe gu Qatar 2022.

Agus tha iarrtas barrachd aithne a thoirt dha na cluicheadairean a rinn eachdraidh an là sin - nam measg fear a rinn a dhachaigh ann an Inbhir Nis is a thug buaidh às dèidh sin air ball-coise sa bhaile.

Tha Dòmhnall Pollock ag aithris.