Casg air campachadh aig cladhan anns na h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh
Cladh Dhail MòrTùs an deilbh, Getty Images

Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar parcadh tron oidhche, campachadh agus bhanaichean-campachaidh a chasg gu foirmeil bho raointean-parcaidh aig cladhan.

Cha bhi e ceadaiche campachadh anns na cladhan nas motha.

Tha oifigearan ag ràdh gu bheil daoine air campachadh taobh a-staigh agus ri taobh chladhan anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Chaidh an casg aontachadh le Comataidh na Còmhdhail agus a' Bun-structair anns a' mhadainn Diciadain.

Thèid soidhnichean a chur suas aig an dusan cladh a th' aig a' Chomhairle ag innse mun chasg is nithean eile a tha toirmisgte.

Thèid innse gur ann do luchd-caoidh, luchd-obrach comhairle, clachairean, agus daoine a tha a' rannsachadh sloinntireachd agus eachdraidh ionadail a tha na goireasan.