Blackford a' seasamh sìos mar cheannard an SNP an Westminster

  • Air fhoillseachadh
Ian Blackford BPTùs an deilbh, Reuters

Dh'innis Ian Blackford BP gu bheil e a' seasamh sìos mar cheannard an SNP aig Westminster.

Coinnichidh am pàrtaidh airson na coinneimh bliadhnail aca an ath-sheachdain, agus leig Mgr Blackford fhaicinn nach bi e a' seasamh airson na dreuchd a-rithist.

"An dèidh còrr air còig bliadhna san dreuchd, 's e seo an t-àm ceart airson ceannas ùr air a' phàrtaidh agus sinn a' teannadh air taghadh coitcheann ùr, agus na h-ath-cheumannan a dh'ionnsaigh neo-eisimeileachd do dh'Alba," thuirt e.

"Nam ùine mar cheannard, bhuannaich an SNP gu mòr ann an taghadh coitcheann 2019, le earrann nas motha de na bhòtaichean agus de bhuill phàrlamaid, agus tha taic do neo-eisimeileachd air a bhith a' sìor fhàs bhon uairsin - le cunntas an t-seachdain seo fhèin a' sealltainn mòr-chuid air a son.

"Ged a tha mi a' seasamh sìos mar cheannard aig Westminster, leanaidh mi orm le mo chuid obrach mar bhall Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, agus tha mi cuideachd air gabhail ri dreuchd ùr aig cridhe iomairt neo-eisimeileachd an SNP, le aire gu sònraichte air conaltradh gnothachais.

"Bu mhath leam taing a thoirt do na buill-phàrlamaid againn airson an cuid taice thar nan còig bliadhna a dh'fhalbh.

"Bidh mo làn-thaic air cùlaibh ge bith cò ghabhas m' àite mar cheannard aig Westminster, agus sinn a' seasamh le chèile airson maith na h-Alba gus a còir dheamocratach a roghainn fhèin a dhèanamh air na tha roimhpe ann an referendum air neo-eisimeileachd," thuirt e.