Naidheachdan 11:00m
Seirbheis Chùraim Nàiseanta
Thuirt am Ministear airson Cùraim Shòisealta, Caoimhin Stiùbhart, gum bi fiosrachadh mionaideach ann fhathast mu phlana Riaghaltas na h-Alba airson seirbheis chùraim nàiseanta ùir. Tha dragh air buill Comataidh an Ionmhais ann am Pàrlamaid na h-Alba mu chosgaisean a' phlana, agus dh'iarr iad soillearachadh air sin mus cùm a' Phàrlamaid a' chiad bhòt air na molaidhean. Thuirt Mgr Stiùbhart gum bi am fiosrachadh sin ann am pàipearan ionmhais na sgeama.
Ospadal Rotherham
Bidh rannsachadh neo-eisimeileach ann mu bhàs ghille, còig bliadhna de dh'aois, a chaidh a chur dhachaigh à Ospadal Rotherham ann an Yorkshire. Thuirt teaghlach Yusuf Mahmud Nazir, gun do dh'iarr iad uair an dèidh uair air an ospadal a thoirt air ais a-steach, ach gun deach innse dhaibh nach robh dotairean gu leòr ann.
Oileanaich
Tha sgrùdadh ùr ag ràdh gun robh còrr is an treas cuid de dh'oileanaich an Alba a' fulang le cion a' bhìdhe, agus ìre de throm-inntinn air a' bhliadhna gu leth mu dheireadh. Chaidh còrr is 2,000 oileanach a cheasnachadh as t-Earrach mus do thòisich an èiginn le cosgaisean bith-beò. Tha buidhnean carthannais ag iarraidh tuilleadh airgid airson maith nan oileanach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur £16m ann an stòras do dh'oileanaich ann am bochdainn, agus ag obair air sgeama ùr slàinte-inntinn do dh'oileanaich.
A' Ghàidhlig
Chaidh innse do bhuidhinn thar-phàrtaidh na Gàidhlig aig Holyrood nach eil gu leòr a' tachairt airson coimhearsnachdan Gàidhlig a ghlèidheadh. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh Bile ùr nan Cànanan Albannach an-dràsta fhèin, ach dh'innis luchd-iomairt dhan chomataidh gu bheil Alba fada air dheireadh air dùthchannan eile ann an glèidheadh cànain anns a' choimhearsnachd.
Hub Bharraigh
Tha coltas tuilleadh maill air pròiseact Hub Bharraigh, a chuireadh diofar ghoireasan agus sheirbheisean còmhla air an aon làraich. Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar fhathast a' feitheamh fios bho NHS na h-Alba am faigh iad taic-airgid airson an earrainn fhèin anns a' phròiseact, agus dh'fhaodadh sin dàil 10 mìosan a chur ann. Agus tha cosgais a' phròiseict air èirigh faisg air £5m anns na ceithir mìosan mu dheireadh.
Prìsean Thaighean
Thuirt a' bhuidheann morgaidse Nationwide gun do thuit prìs thaighean ann am Breatainn aig an ìre mhìosail as motha ann an 2.5 bliadhna. Thàinig prìsean a-nuas 1.4% san t-Samhain. Thuirt Nationwide gu bheil roinn an taigheadais fhathast fo bhuaidh a' mheanbh-bhuidseit anns an t-Sultain a chuir suas prìs nam morgaidsean.