Eaglais Naomh Chaluim Chille an Glaschu ga reic

  • Air fhoillseachadh
Eaglais Ghàidhlig Chaluim Chille

Tha dearbhadh ann a-nis gun tèid Eaglais Naomh Chaluim Chille an Glaschu, tè de na h-eaglaisean a bu chudromaiche a bh' ann dha Gàidheil a' bhaile, a reic.

Tha Eaglais na h-Alba ag ràdh gu bheil an togalach ann am fìor dhroch staid agus tha i co-dhiù air a bhith falamh bho thoiseach a' phandemic.

Chaidh sanas-reice a sgaoileadh air an t-seachdain sa chaidh.

Bha i còrr air 100 bliadhna na dachaigh do luchd-adhraidh na Gàidhlig.

Bha Aonghas Dòmhnallach, a bha a' searmonachadh aig an eaglais is bha e an sàs roimhe ann an iomairt airson a cumail fosgailte, ag ràdh air Radio nan Gàidheal gur e briseadh-dùil mòr a th' anns an naidheachd:

"Chan eil mi a' dol leis an rud gu bheil i ann an droch staid idir - tha mi ag aideachadh gu bheil i a' cur feum air obair a dhèanamh rithe mar a h-uile taigh is togalach eile, ach nam biodh i air a bhith ann an droch staid - tha còrr is dà bhliadhna bho nach robh teas anns an eaglais sin - biodh i air tuiteam na broinn.

"Bha mise a-staigh ann an sin bho chionn dhà no thrì sheachdainean - chan eil càil a choltas gu bheil i a' dol a thuiteam na broinn."

Thuirt neach-labhairt airson Eaglais na h-Alba gu bheil iad ag aithneachadh cho cudromach 's a tha togalach mar seo do cho-thionalan air feadh na dùthcha, ach gu bheil an tè seo gu mi-fhortanach ann am fior dhroch staid agus 's ann air sgàth sin a cho-dhùin iad a reic.

Thuirt iad cuideachd gu bheil an Eaglais a' sgrùdadh na th' aca de thogalaichean san fharsaingeachd is a' beachdachadh air mar a thèid sèirbheisean na h-Eaglaise a thoirt seachad san àm ri teachd.