Taic do chuid an Inbhir Nis le an cosgaisean connaidh

  • Air fhoillseachadh
Baile Inbhir NisTùs an deilbh, Valenta/Geograph

Gheibh daoine aig a bheil teachd a-steach beag ann an Inbhir Nis cothrom air taic £150 bho Chomataidh Inbhir Nis aig Comhairle na Gàidhealtachd airson an cuideachadh le cosgaisean connaidh a' gheamhraidh.

Chan ann a-mhàin air peinnseanairean air a bheilear ag amas.

Tha an taic cuideachd do dhaoine air teachd-a-steach ìosal.

Thuirt Ceannard Inbhir Nis agus na Sgìre, an Comh. Ian Brown: "Ma tha sibh a' fuireach ann an uardan na h-Àird agus Loch Nis, Inbhir Nis an Iar, Mheadhan Inbhir Nis, Thaobh Nis Inbhir Nis, Inbhir Nis Allt a' Mhuilinn, Chùil Lodair 's Àird nan Saor agus Inbhir Nis a Deas dh'fhaodadh gu bheil sibh airidh air taic ionmhais tron gheamhradh nuair a tha connadh a bharrachd a dhìth airson dachaighean a chumail blàth.

"Tha sgeama taic-airgid geamhraidh Comataidh Bhaile Inbhir Nis ag amas air taic a thoirt do dhaoine as motha a tha a' cur feum air cuideachadh agus chuirinn ìmpidh air duine sam bith a tha dhen bheachd gum faodadh iad taic fhaighinn tagradh a chur a-steach."

Tha an t-airgead a' tighinn bho Mhaoin Choitcheann a' Bhaile.

Sochairean

'S urrainn do dhaoine an taic fhaighinn ma tha iad 90 bliadhna a dh'aois no nas sinne, ge bith de na th' aca de dh'airgead air a shàbhaladh.

Tha an taic cuideachd ri fhaotainn do dhaoine air diofar shochairean sòisealta.

Feumaidh iadsan dearbhadh nach eil duine sam bith san dachaigh a' faighinn tuarastal agus nach eil barrachd na £6,000 aca ann an airgead calpa.

Chan eil an riaghailt sin a' buntainn ri daoine nas sine na 90 bliadhna a dh'aois no daoine a fhuair Tabhartas Staing bho Mhaoin Shochairean na h-Alba eadar an 1mh den Dùbhlachd 2022 agus an 28mh den Ghearran 2023.

'S e dìreach aon tagradh airson gach dachaigh a tha ceadaichte.

Gheibhear na foirmaichean aig Ionad Seirbheis Inbhir Nis ann an Talla a' Bhaile, tro a bhith a' fònadh Sgioba Taic Shochairean Comhairle na Gàidhealtachd air 0800 090 1004, agus aig oifis ionadail Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill.

Gheibhear cuideachd am foirm ann an seo, taobh a-muigh.

'S e an 28mh den Ghearran an ceann-là airson iarrtas a chur a-steach.