CNES: Stailc aig puirt-adhair na "adhbhar dragh"

  • Air fhoillseachadh
Port-adhair Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Port-adhair Inbhir Nis am measg nam port-adhair air am faodadh stailc ballrachd Unite buaidh a thoirt

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e adhbhar dragh a th' ann gu bheil luchd-obrach aig Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bhith air stailc timcheall air an Nollaig agus air a' Bhliadhna Ùr. 

Tha buill an aonaidh Unite air bhòtadh airson coiseachd a-mach thar làithean-saora na Nollaige. 

'S iad luchd-smàlaidh, luchd-obrach teàrainteachd is rianachd nam port-adhair a bhios Unite a' riochdachadh.

Tha iad mì-thoilichte leis an àrdachadh-pàighidh 5% a chaidh a thabhann orra. 

Tha dùil ri dearbhadh an t-seachdain-sa cuin dìreach a thèid iad air stailc. 

Thuirt Cathraiche Comataidh Còmdhail na Comhairle, An Comh. Ùisdean Robasdan, gun robh e na adhbhar dragh dhaibh.

"Bha coinneamh againn Dihaoine sa chaidh le àrd oifigear HIAL agus an cathraiche is bha iad ag ràdh gun robh iad caran draghail gun tachradh seo.

"Agus an lùib nan iarratasan eile a tha air tighinn a-staigh bho bhuidhnean a thaobh àrdachaidh pàighidh, chan eil e na iongnadh sam bith.

"Tha fios aig a h-uile duine cho cugallach 's a tha na seirbheisean aiseig air a bhith, gu h-àraid air a' gheamhradh nuair a tha an aimsir caran dona.

"Tha fios againn cuideachd gu bheil 80% de dh'euslaintich a' siubhal air an dòigh seo ma tha iad a' dol dhan ospadal, is tha sin gu math draghail dhuinn."